DACHAIGH HOME
 
 
Transport concepts

TransportCòmhdhail

The Campus transport system is being designed to be sustainable and to deliver benefits to the wider community. It will feature new roads and path connections to the site to link with and extend the city’s existing networks.

A new crossroads junction will link to the existing junction between the A9 slip road and Culloden Road. Widening of Culloden Road will increase traffic capacity on the surrounding local roads. It is also proposed to add an extra lane to the slip road exiting the A9 up to the new junction.  A second access/exit point will conect the Campus, to Caulfield Road North.

Tha còmhdhail cudromach ann an leasachadh mòr sam bith. A thaobh Àrainn Inbhir Nis, bidh feum air bun-structar ùr a bhios a’ gabhail a-steach slighe ùr a-steach chun na làraich agus feumar a bhith mothachail air Prìomh-rathad Ceangail Inbhir (TLR) mar a tha san amharc.


Tha na h-eòlaichean còmhdhala WA Fairhurst ’s an Compàirtichean air Measadh Còmhdhala  (TA) a dhèanamh airson tagradh Àrainn Inbhir Nis. Beachdaichidh Comhairle na Gàidhealtachd agus Transport Scotland, a’ bhuidheann riaghaltais le uallach airson rathaidean Alba, air a’ mheasadh.


Tha an TA mothachail air poileasaidh nàiseanta, sgìreil is ionadail co-cheangailte ris an leasachadh a thathar a’ moladh. Tha e a’ dèanamh ro-innse air iarrtasan siubhail bho gach seòrsa còmhdhala, a’ comharrachadh leasachaidhean iomchaidh air bun-structar slighean rothairean is luchd-coiseachd, agus tha e a’ coimhead air seirbheisean còmhdhala phoblaich a bhios a’ frithealadh na h-Àrainn gu dìreach.


Chaidh beachdachadh air a’ bhuaidh a dh’fhaodadh trafaig a thoirt air leasachadh rathaidean Inbhir Nis le bhith a’ cleachdadh modail trafaig Chomhairle na Gàidhealtachd, agus chaidh na h-atharraichean a dh’fheumte ’s dòcha a dhèanamh air bun-structar rathaidean a’ bhaile a chomharrachadh. 


Tha am measadh a’ coimhead air a’ bhuaidh a bheir Àrainn Inbhir Nis air an ro-innleachd a thathar a’ moladh do rathaidean an-dràsta agus san àm ri teachd. Tha e cuideachd a’ beachdachadh air mar a dh’fhaodadh an Àrainn buaidh a thoirt air leasachaidhean eile a chaidh aontachadh mar-thà agus feadhainn a tha san amharc san sgìre taobh a-staigh Frèam-obrach Leasachadh Fàs Slighe an A96.


Tha Plana Siubhail is Ro-innleachd Còmhdhail na h-Àrainn, mar a tha e san TA, a’ toirt iomradh air dòighean brosnachaidh is bacaidh a th’ air an dealbh gus siubhal seasmhach a bhrosnachadh agus gus aon duine a’ siubhal ann an càr a dhì-bhrosnachadh san sgìre sa bheil an leasachadh ga mholadh. Tha ceanglaichean ri Lìonra Prìomh Cheuman Inbhir Nis, busaichean a bhios a’ dol chun na h-Àrainn tric, agus smachd pàircidh air an làraich, nam pàirt dhen ro-innleachd gus buaidh còmhdhail Àrainn Inbhir Nis a chumail cho beag ’s a ghabhas.


Tha conaltradh co-obrachail a’ dol air adhart a thaobh mholaidhean inntrinn dha gach seòrsa còmhdhala. Tha HIE agus luchd-comhairleachaidh ag obair còmhla ri Comhairle na Gàidhealtachd, Transport Scotland agus luchd-solair còmhdhala phoblaich gus siostam còmhdhala seasmhach a lìbhrigeadh a bheir buannachd dhan choimhearsnachd.

 

The Campus transport system is being designed to be sustainable and deliver benefits to the wider community. It will feature new road and path connections to the Beechwood site that will link in with and extend the city’s existing networks. Tha siostam còmhdhala na h-Àrainn ga dhealbhachadh airson a bhith seasmhach agus gus buannachdan a thoirt dhan choimhearsnachd. Bidh rathad ùr agus slighean ann gu làrach Coille na Faidhbhile a bhios a’ ceangal ri lìonra a’ bhaile mar a tha e agus ga leudachadh.

Current consultations

image

Your View

Please let us know your thoughts on the economic and other benefits that the Campus would bring the area

 
Latest Press Release

Scottish Agricultural College to relocate to Campus

22/06/2010