DACHAIGH HOME
 
 
Masterplan<

Project UpdatePoileasaidh Dealbhachaidh

The planning application for phase 1 was passed by The Highland  Council in May 2010. The original outline planning application for the entire landholding submitted early 2009. remains live.  This application forms a vision for the development over the next thirty years. The application includes:

  • Academic buildings – up to 70,480 sqm
  • Business and incubation units – up to 49,500 sqm
  • Indoor sports complex – up to 9,000 sqm
  • Student and other short term residences – 44,950 sqm
  • Associated landscape, open space, outdoor recreation, infrastructure and services necessary to support the development phases
  • Up to 200 residential units

The complete planning application includes a wide range of core and supporting documentation to provide a detailed summary of the Campus project.

Key documents are available for download, and the full detailed application can be viewed at the Highland Council planning offices in Inverness.

 

Tha an lèirsinn a leasaich HIE agus na compàirtichean airson Àrainn Inbhir Nis a’ ceangal gu dlùth ris an togradh agus an stiùireadh a th’ air a chur a-mach ann am  Frèam-obrach Leasachadh Fàs Slighe an A96 le Comhairle na Gàidhealtachd ann an 2007.


Tha làrach an tagraidh taobh a-staigh Slighe an A96. Thathar an dùil gun gabh an t-Slighe seo ri fàs sluaigh de 30,000 thar nan 30 no 50 bliadhna a tha romhainn. Mar sin, tha an t-Slighe comharraichte mar sgìre fàis ro-innleachdail ann am Frèam-obrach Dealbhachaidh Nàiseanta, Plana Structair na Gàidhealtachd agus Plana Ionadail Inbhir Nis.


Ann an co-theacsa a’ phoileasaidh seo, dh’ullaich Comhairle na Gàidhealtachd Frèam-obrach Leasachadh Fàs Slighe an A96 a’ sealltainn plana dhan sgìre. Chaidh gabhail ris an seo gu foirmeil leis a’ Chomhairle san t-Sultain 2007 agus, mar sin, tha e a’ toirt dhuinn a’ phoileasaidh dhealbhachaidh as ùire airson na sgìre.


Tha am Frèam-obrach a’ coimhead ri fàs sluaigh de 7,250 ann an sgìre Inbhir Nis an Ear ann an 3,500 de thaighean ùra, agus na lùib bidh cothroman gnìomhachais, fastaidh is reic às ùr. Tha Àrainn Inbhir Nis ga chomharrachadh mar phàirt riatanach dhen Fhrèam-obrach agus bunaiteach do leasachadh soirbheachail na sgìre. Tha am Frèam-obrach a’ mìneachadh gun cuidich an Àrainn le lìbhrigeadh fàs seasmhach na Slighe agus na sgìre mun cuairt.

 

“The Campus represents a substantial and significant investment in the future of the area and wider region. It will allow the achievement of learning, research and business innovation outcomes linked to existing medical and health research in Inverness. It is critical to the achievement of the A96 Growth Corridor Development Framework’s smart growth ambitions.” - The Highland Council A96 Growth Corridor Development Framework 2007 “Tha an Àrainn na thasgadh mòr san sgìre san àm ri teachd. Bidh ionnsachadh, rannsachadh is gnìomhachasan ùra a’ ceangal ris an rannsachadh slàinte is meadaigeach a tha mar-thà ann an Inbhir Nis. Tha e bunaiteach gu bhith a’ coileanadh rùintean Frèam-obrach Leasachadh Fàs Slighe an A96.” – Frèam-obrach Leasachadh Slighe an A96 le Comhairle na Gàidhealtachd 2007

Current consultations

image

Your View

Please let us know your thoughts on the economic and other benefits that the Campus would bring the area

 
Latest Press Release

Scottish Agricultural College to relocate to Campus

22/06/2010