About Inverness CampusMu Àrainn Inbhir Nis
Inverness Campus is proposed to be developed on 215 acres of land known as Beechwood Farm, situated on the eastern side of Inverness. The core site of 120 acres sits in a wedge created by the convergence of the A9 to the west, the railway to the east, and to the south, the proposed new Inverness Trunk Link Road (TLR).
HIE has taken a leading role in the project bringing together partners to develop the site as an academic and economic stimulus for the Highland region. In September 2009 the Board of HIE agreed to invest up to £25 million to start Phase 1 at the Beechwood site. This money will be used for site servicing works over the next five years, creating access, transport links and essential services, within an attractive parkland landscape.
The Campus will be a focal point for further and higher education in the city, as well as an innovation science park for private sector R&D, and business incubation, which will stimulate new employment in the area.
A sports facility will be open to the public and will be an important asset not just for the success of the academic campus, but also for the local community and the wider area. The aspiration is that it could become a regional hub for sports and a core training centre of excellence for athletes and other sports specialists based in, or coming to the region.
Thathar a’ moladh Àrainn Inbhir Nis a leasachadh air 215 acaire fearainn rin canar Tuathanas Coille na Faidhbhile air taobh sear Inbhir Nis. Tha am prìomh làrach de 120 acaire far a bheil an A9 air an taobh an iar a’ coinneachadh ris an rèile air an taobh an ear agus an rathad ùr a tha san amharc, Prìomh-rathad Ceangail Inbhir Nis (TLR) gu deas.
Bidh an Àrainn aig cridhe foghlaim àrd-ìre sa bhaile, a bharrachd air pàirc saidheans innleachdais airson rannsachadh is leasachadh na roinn phriobhaidich agus cruthachadh gnìomhachais is malairt a bhrosnaicheas obraichean ùra san sgìre.
Tha dùil gum bi amar-snàmh, seòmar-eacarsaich, talla is raointean an cois an ionaid-spòrs. Bidh e fosgailte dhan mhòr-shluagh agus bidh e cudromach, chan ann a-mhàin a thaobh soirbheachadh na h-àrainn sgoilearaich, ach cuideachd dhan sgìre is dhan choimhearsnachd mun cuairt. Bhithte a’ rùnachadh gum biodh e na ionad roinneil airson spòrs agus na shàr ionad trèanaidh sam biodh lùth-chleasaichean is eòlaichean spòrs na sgìre, agus a bhiodh a’ tadhal, stèidhte.
’S e lèirsinn nan compàirtichean dhan Àrainn:
- Sàr thogalaichean a nochdadh cudrom a’ phròiseict seo dhan Ghàidhealtachd is dha na h-Eileanan
- Àrainn a bhios mothachail air mar a dh’atharraich teicneòlas pàtrain ionnsachaidh agus a bhrosnaicheas obair chruthachail is ionnsachadh farsaing
- Ionad a bhios a’ nochdadh agus a’ freagairt air a shuidheachadh ann am baile soirbheachail an latha an-diugh, le na beanntan air a chùl ann an àrainneachd nàdarra
- Nochdaidh an Àrainn seasmhachd cuideachd agus brosnaichidh e ionad a dh’fhaodadh air a’ cheann thall oileanaich a thàladh dhan Ghàidhealtachd